EclipseCrossword

Seo am program a b’fhearr leam fhin airson toimhseachain-tarsainn.   Tha e soirbh a chleachdadh agus gheibh sibh diofar seorsa toimhseachan as.

http://www.eclipsecrossword.com/

Leave a Comment

Hot Potatoes

Math comhla ri sgadan fuar  …

Cuideachd math airson eacarsaich lion-na-bearnan, cuir-ann-an-ordugh, iomadh-roghainn, tòimhseachan-tarsainn, is rudan mar sin.   Gu math soirbh a chleachdadh.

Seo far am faigh sibh e: http://hotpot.uvic.ca/

Comments (1)

Storybook Weaver Deluxe

Cheannaich mi am program seo don ghille agam agus chòrd e ris cho mòr ’s gu robh mi smaoineachadh gum b’fhiach fheuchainn le clas beag ‘tutorial’ a bh’agam.   Tha e a’ cosg ~ 9.99 agus tha e freagarrach airson Windows a-mhàin.  Tha e soirbh a chuir air an coimpiutair.   Bhithinn-sa ga chleachdadh le triùir còmhla ach dh’fhaodadh gum biodh e freagarrach a’ chleachdadh le projector cuideachd.  The e soirbh gu leòr a chuir air coimpiutair agus tha e soirbh a chleachdadh.
Air an taobh chlì den duilleig, tha leabhar-lann de clipart agus tha thu taghadh an dealbh a tha thu ‘g iarraidh.   Tha diofar seòrsaichean dealbh ann – adhar, talamh, muir, monaidhean, càraichean, bàtaichean, daoine a’ coiseachd, a’ suidhe nò a’ ruith.   Tha na dealbhan a theid a thaghadh a’ dol air an taobh cheart, gu h-àrd, agus gabhaidh an deanamh nas motha no nas lugha, agus an gluasadh timchioll.   Gu h-ìosal, tha thu taipeadh an stòiridh.
Uaireannan, bhithinn a taipeadh stòiridh agus ag iarraidh air na sgoilearan dealbh a tharraing a rèir na bha sgrìobhte agus, uaireannan, dheanainn suas dealbh agus bhiodh aca-san ris an stòiridh a sgrìobhadh.

Leave a Comment

Fàilte!

Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e feumail nam biodh sinn a’ cleachdadh am blog seo airson innse dha chèile mu dheidhinn bathar bog a tha sinn a’ cleachdadh sna sgoiltean.   Nò bathar bog a cheannaich sinn ‘s nach robh gu math sam bith.

 Puingean ri chuimhneachadh:

  • an obraich e air Mac nò Windows?
  • dè chosg e?
  • an robh e doirbh a chuir air a’ choimpiutair?
  • an do dh’obraich e mar bu chòir?
  • an do chòrd e ris na sgoilearan?
  • dè ‘n aois?
  • ciamar a tha thu ga chleachdadh?
  • a bheil torr ullachadh ri dheanamh ron a chlas?

Bhiodh fiosrachadh den t-seòrsa sin feumail do luchd-teagaisg eile.  Uaireannan bidh tu coimhead air catalog ‘s chan eil fios agad cò ris a tha rudan coltach.

Comments (2)